Mì-chinnt Bhrexit a' toirt buaidh air an iasgach

A' tarraing lìn

Tha mì-chinnt Bhrexit a' fàgail gu bheil iasgair ann am Barraigh a' beachdachadh air am bàta aige a reic seach nach fhaigh e criutha dhi.

Thuirt Pòl Manford nach tig criutha à Latbhia no Romàinia ri linn na mì-chinnt, agus nach eil cead-obrach aig feadhainn à dùthchannan leithid Ghana agus na h-Eileanan Filipineach.

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air sgrìobhadh gu Rùnaire na Dùthcha, Sajid Javid ag iarraidh air an sgeama pìleit a th' aig an Riaghaltas airson luchd-obrach ràitheil atharrachadh gu am bi e a' gabhail a-steach luchd-obrach an iasgaich cuideachd.

Tòisichidh an sgeama pìleit air a' mhìos seo, ach 's ann airson taic a thoirt do ghnìomhachas na gàirnearalachd a-mhàin a th' ann.

Lusan is measan

Thèid cead a thoirt do luchd-obrach bho thaobh a-muigh an EU cosnadh fhaighinn anns an Rìoghachd Aonaichte 'son taic a thoirt do thuathanaich a tha a' fàs lusan is measan.

Tha Mgr MacNèill a' moladh an aon sheòrsa sgeama dhan iasgach - a' toirt taic do sgiobairean criuthaichean fhaighinn.

"Tha mi an dòchas, leis mar a tha an sgeama seo a' tòiseachadh, gu bheil seo a' sealltainn gur dòcha gum bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deònach coimhead air an èiginn anns a bheil gnìomhachas an iasgaich.