Fireannach a bhàsaich air ainmeachadh

Published

Dh'ainmich Poileas Alba fireannach a chaill a bheatha ann an tubaist-rathaid ann an Srath Spè oidhche Chiadain.

'B e Iain Bremner, 74, à Srath Pheofhair.

Thachair an tubaist mu 8:20f Diciadain air an A938 faisg air Drochaid Thulnain.

Cha robh anns an tubaist ach an càr a bha Mgr Bremner a' dràibheadh, Citroen Picasso glas.

Thuirt na Poilis gu bheil na smuaintean aca le teaghlach Iain Bremner.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh