Càite an deach airgead a' Chàirn Ghuirm?

Rèile-beinne Image copyright Getty Images
Image caption Ged 's ann le HIE a tha iad, bha a' chompanaidh Natural Retreats le cùmhnant airson obair nan goireasan a stiùireadh gus bho chionn ghoirid.

Tha luchd-gnothachais ann an sgìre na h-Aghaidh Mòire air draghan a thogail mu mar a bha airgead poblach ga chosg air rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm agus an t-ionad sgithidh san ùine a dh' fhalbh.

Ged 's ann le HIE a tha iad, bha a' chompanaidh Natural Retreats le cùmhnant airson obair nan goireasan a stiùireadh gus bho chionn ghoirid.

Tha ceistean air èirigh a-nis mu mar a chosg iadsan airgead a fhuair iad mu choinneamh a' chùmhnant sin.

Tha ionad-sgìthidh a' Chàirn Ghuirm, an rèile-beinne agus an uidheamachd togail do luchd-spòrs sneachda fo shealbh a' phobaill agus fhuair iad deugachadh de mhilleanan notaichean ann an airgead poblach.

Ach ann an 2014 reic HIE a' chompanaidh a bha ruith nan seirbheisean gu companaidh phrìbhidich, Natural Retreats.

Rianachd

Gheall iad £6m a chur an sàs - ach cha tàining sin am follais a-riamh.

Agus an uairsin chaidh dà lioft sgìthidh a dhùnadh le Roinn na Slàinte agus na Sàbhailteachd.

Mun àm sin bha a' chompanaidh ann an rianachd.

Ach thuirt rùnaire Comànn Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire, Alan Brattey, gun do chleachd Natural Retreats a' bheinn mar dhòigh 'son airgead a tharraing agus dh'fhaighnich e càite an deach an t-airgead a chaidh a thoirt do chompanaidhean eile a bha sa bhuidhinn.

Thuirt Natural Retreats gu bheil am fiosrachadh fa chomhair a' phobaill agus dhiùlt iad sian a bharrachd a ràdh mun cùis.