Dol a-mach mì-iomchaidh an Coille Chùil Lodair

Published
image copyrightDon Cload / Geograph

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh air aithrisean gun robh fireannach ri dol a-mach mì-iomchaidh an Coille Chùil Lodair.

Chunnacas an duine timcheall air 3:45f Diciadain.

Bha e ann am pìos den choille far a bheil feansaichean ann gus coin a chumail a-mach.

Tha e coltach gu bheil an duine eadar 20 is 30 bliadhna de dh'aois, is gu bheil e eadar 5′ 6" is 6' de dh'àirde, is e caol.

Neo-àbhaisteach

Bha geansaidh bèis le stiallan nas duirche air aig an àm.

"Tha rudan mar seo neo-àbhaisteach ann an Inbhir Nis ach tha mi airson is gum bi fios aig an t-sluagh nach deach an duine seo a dh'ionnsaigh duine sam bith eile", thuirt an Sàirdseant Stuart Fitzpatrick bho Phoileas Alba.

"Tha sinn ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an duine seo brath a chur thugainn.

"Ma bha thu sa choille timcheall air an àm seo is coltas gum faca tu rudeigin, 's dòcha gu bheil fiosrachadh feumail agad", thuirt e.

Faodar fios a chur air Poileas Alba le a bhith a' fònadh 101 is àireamh NN1938/19 a thoirt seachad, no fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.