County ag amas air a' chupa
- Air fhoillseachadh

'S e suidheachadh rudeigin neo-àbhaisteach a th' ann.
Cluichidh Ross County ann an cuairt dheireannach nàiseanta ann an Inbhir Nis, an aghaidh sgioba às a' Chuimrigh a th' air an stiùireadh le fear à Ceann Loch Biorbhaidh.
'S dòcha gur e dòigh iomchaidh a th' ann air Cupa Irn-Bru 2018/19 a thoirt gu ceann.
San treas chuairt den fharpais Albannnach seo, bha Bohemians às Èirinn a' dol an aghaidh Sutton United à Sasainn, is Cúil Rathain às Èirinn a Tuath sa Chuimrigh an aghaidh Connah's Quay.
Bùrach
Às dèidh sin chaidh dàil trì mìosan air geama eadar Bohemians is East Fife ri linn mì-thuigse mu sheusan ball-coise na h-Èireann. Chaidh an geama an uairsin a chur dheth ri linn pàirce reòta seachd mionaidean mus robh còir aige tòiseachadh is na ceudan Fìobhaich ann am Baile Atha Cliath. Is tharraing Bohemians a-mach às an fharpais air a' cheann thall gun an geama a chluich idir.
'S dòcha nach eil dòigh nas fheàrr na muinntir Inbhir Pheofharain is na Cuimrich ann an Inbhir Nis gus an gnothach a thoirt gu buil.
Tha County mar-thà air an fharpais seo a bhuannachadh dà thuras roimhe ann an 2006/07 is 2010/11, mus tàinig cruth atharrachadh air.
Ged a bhiodh e fìor ri ràdh gum b'fheàrr leotha gun robh iad air àite sa Phrìomh Lìog a chumail is nach robh aca ri cluich san fharpais, tha County ag ràdh gur e cupa a th' ann a chuir iad roimhe air an t-slighe gu duaisean nas motha.
Tha iad an dòchas gur e sin a thachras a-rithist is chuireadh iad fàilte air togail às dèidh dhaibh call 1-0 ri Dundee United san lìog oidhche Mhàirt, rud a dh'fhàg an dorus fosgailte dha United, dìreach, san rèis airson an tiotail.
'S e cothrom a th' ann cuideachd dha Stiùbhart Kettlewell is Steafan Fearghasdan a' chiad chupa aca a thogail bho chaidh an stèidheachadh mar cho-mhanaidsearan an-uiridh.
Thèid iad a-steach dhan gheama le bhòt-earbsa bho chathraiche Chounty, Roy MacGriogair, is e ag ràdh gu bheil sgioba-choidsidh is siostam-stiùiridh aige a tha a' tuigsinn feallsanachd Ross County.
Dè mu dheidhinn nan Cuimreach?
Bho thòisich iad ann an 1946, tha Connah's Quay air sreap tro na h-ìrean is air iad fhèin a stèidheachadh ann an Lìog na Cuimrigh is fiù 's air ball-coise Eòrpach a chluich.
Làidir
Rinn iad a' chùis air an Eaglais Bhric, Cúil Rathain, Queen's Park is Edinburgh City gus a' chuairt dheireannach seo a ruighinn.
Tha am manaidsear, Andy Moireasdan, a' tilleadh dhachaidh gu ìre oir rugadh am Moireasdanach ann an Inbhir Nis, ged a bhoinneas e dha Ceann Loch Biorbhaidh bho thùs is ged a ghluais e a Shasainn nuair a bha e na bhalach.
Ràinig Moireasdan àrd-ìre mar chluicheadair le Manchester City is Huddersfield Town am measg eile, is cliù aige mar fhear làidir, cruaidh, a dhèanadh dad sam bith cha mhòr airson geama a bhuannachadh.
Ma tha an sgioba aige idir coltach ris, chan eil feasgar furasta san amharc do Ross County Disathairne.
Chìthear an geama beò air BBC Alba bho 4.20f.