Binn 27 bliadhna ann an cùis Alesha

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Poileas Alba

Chaidh binn 27 bliadhna aig a' char as giorra sa phrìosan air an deugaire Aaron Caimbeul, 16, an dèidh mar a chaidh a dhìteadh de dh'èigneachadh agus murt na h-ìghne bige Elesha NicPhàil, 6, san Iuchar an-uiridh.

Dh'innis am britheamh, am Morair Matthews, nach biodh cothrom aig Caimbeul air paròl gus am biodh e air 27 bliadhna a chur seachad fo ghlais.

Tùs an deilbh, Facebook
Fo-thiotal an deilbh, Chaidh corp Alesha, a bha 6, fhaighinn ann an gàrradh taighe-òsta ann an Eilean Bhòid san Iuchar an-uiridh.

Na bu thràithe den là, thàinig e am bàrr gun robh Caimbeul air aideachadh do neach-obrach sòisealta gun robh e ciontach de na h-eucoirean - toirt am bruid, èigneachadh agus murt - ged a bha e air a dhol às àicheadh uair is uair fhad 's a bha a' chùis anns a' chùirt.

Thuirt am britheamh gun robh an aideachadh air tighinn aig àm annasach.

Thuirt e nach robh cuimhne aige air aideachadh eile a bhith a' tighinn cho aithghearr an dèidh dìtidh.

Chaidh an deugaire a dhìteadh gu h-aona-ghuthach an dèidh cùis a mhair naoi làithean air a' mhìos a chaidh.

Thog am britheamh casg air a bhith ag ainmeachadh Caimbeul an dèidh a dhìtidh.

Chaidh am binn a thoirt seachad beò air an telebhisean (le dàil 30 diog) - a' chiad turas a thachair a sin an Alba ann an cùis den leithid.