Poilis fhathast a' lorg fios mu ionnsaigh dhrabasta an Inbhir Nis

Briogais Image copyright Poileas Alba

Tha Poileas Alba air fiosrachadh iarraidh mu ionnsaigh dhrabasta air boireanach òg a thachair faisg air Ionad Choimhearsnachd na Marc-Innse mu 10:00f oidhche Dhòmhnaich an 10mh den Mhàrt.

Tha iad a' lorg fireannaich a chaidh fhaicinn anns an sgìre aig an àm.

Mar phàirt den sgrùdadh aca, tha iad air ìomhaigh de bhriogais le suaicheantas MacKenzie orra a sgaoileadh. Tha a' bhriogais gorm, le pìosan dearga is geala air na casan.

Tha dùil gur e duine òg a th' ann, caol agus mu 5'7" de dh'àirde, 's bha brògan plimsol air.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fios mun ionnsaigh fònadh thuca air 101 no gu Crimestoppers air 0800 555 111.