Bana-ghaisgeach a' Ghearasdain

Published
image copyrightPoilis Alba

Fhuair boireannach às a' Ghearasdan duais bho Phoileas Alba 'son dìon a chur air luchd-obrach agus air a' phoball nuair a thàinig neach le gunna a-steach dha leabharlann a' bhaile.

Bha Sandra NicIlleathain, 63, ag obair mar stiùiriche anns an leabharlann agus gu socair, dh'iarr i air gach duine an togalach fhàgail gus am biodh an neach leis a' ghunna ann leis fhèin.

Nuair a bha a h-uile duine a-mach agus na Poilis air an gairm, chaidh Sandra a-steach leatha fhèin a-rithist, feuch an robh an duine fhathast na shuidhe air beulaibh choimpiutair, agus airson a dhèanamh cinnteach nach robh duine sam bith eile am broinn an togalaich.

Chaidh i an uairsin a-mach air cùl an togalaich agus choisich i timcheall gu doras-aghaidh an leabharlainn 'son a ghlasadh gus nach tigeadh duine sam bith eile a-steach, agus aig a' cheart àm a' glasadh an duine leis a' ghunna a-staigh.

Nuair a nochd na Poilis, bha Sandra comasach air fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad mun duine.

Fhuair an duine, a bha 26 aig an àm, binn prìosan 18 mìosan airson na h-eucoir, a thachair air an 25mh den Chèitean 2017.

Gunna fuadan

'Se gunna fuadan a bh'aige - ged nach robh fios aig Sandra no na Poilis air sin aig an àm.

Thuirt Sandra gun robh i taingeil 'son na duais agus nach robh i a' faireachdainn gun robh i airidh air an leithid.

"An rud an rinn mi aig an àm, cha robh mi a' faireachdainn gur e rud gaisgeil a bh' ann, bha mi dìreach a' faireachdainn gum feumainn a h-uile duine fhaighinn a-mach às an leabharlann, agus dèanamh cinnteach nach fhaigheadh duine sam bith eile a-steach.

"A' faighinn na duais, tha e a' toirt dealbh nas fharsainge dhomh air rannsachadh nam poileas, agus bu mhath leum taing a thoirt dha na h-oifigearan air mar a làimhsich iadsan an suidheachadh" thuirt Sandra.

'S e an t-Àrd-Shuperintendent Seòras Dòmhnallach a thug seachad an duais 's thuirt esan gun do chuidich an dòigh anns do dhèilig Sandra leis a' chùis eagalach seo na daoine a bha timcheall oirre air an là sin.

"Chuir na rinn Sandra stad air cùisean a bhith a' dol tòrr nas miosa, agus thug e cothrom dha na Poilis smachd fhaighinn air an duine gun a bhith a' cur beatha dhaoine eile ann an cunnart.

"Tha i airidh air moladh mòr airson na rinn i, agus tha mi toilichte dha-rìribh a bhith a' toirt seachad na duais seo 'son a cuid gaisgeachd", thuirt e.