Ath-sgrùdadh eile ga iarraidh air haidro Ghlinn Èite

Published
image copyrightRichard Cross

Dh'iarr Mountaineering Scotland air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh Chomairle na Gàidhealtachd a thug cead Diciadain sgeamaichean haidro ann an Gleann Èite a leigeil air adhart.

Chaidh seachd sgeamaichean a cheadachadh le Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air a' mhìos a dh'fhalbh.

Ach bha cuid de chomhairlichean air gearan mun bhuaidh a bheireadh iad air coltas an àite.

Bha an Comh. Anndra Bacastair à Loch Abar air taic 20 comhairliche eile fhaighinn dha gluasad a dh'iarr gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na co-dhùnaidhean - gu h-àraid trì de na sgeamaichean.

Bristeadh dùil

Ach às dèidh deasbaid a mhair còig uairean de thìde, chaidh cead a thoirt seachad aig coinneimh shònraichte den làn-Chomhairle.

Thuirt Àrd-Oifigear Mountaineering Scotland, Stuart Younie, gun robh co-dhùnadh na Comhairle tàmailteach.

"Tha e a' togail na ceist, dè luach a th' ann a bhith a' comharrachadh sgìrean bòidheach mar àitean glèidhte.

"Tha sinn a' tuigsinn na h-argamaid airson taic a chur ri leithid de sgeamaichean ach tha prionnsabal a' crochadh air seo.

"Tha sinn an dòchas nach toir an co-dhùnadh seo droch bhuaidh air na sgìrean a tha fhathast air am faicinn mar "fiadhaich".

Taobh Sear a' Ghlinne

Bha Sreap Alba air aontachadh le ceithir de na sgeamaichean ann an Gleann Èite, ach chuir iad an aghaidh nan trì eile a chionn 's gun robh iad air taobh sear a' ghlinne 's gum biodh iad a' dol suas cliathaich na beinne.

Bha Comataidh Planaidh Comhairle na Gàidhealtachd air tadhal air a' ghleann mus deach cead a thoirt seachad a' chiad uair anns an Ghearran, ach le mòran a' gearan mu dheidhinn fhuair an Comh. Bacastair taic 'son a' choinneamh shònraichte a chumail Diciadain a thaobh nan sgeamaichean aig Allt Ceitlein, Allt Mheuran agus Allt Chaorainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo