Taic phàrantan "gu tur deatamach" an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh ann an Dùn Èideann gu bheil taic is strì bho phàrantan "gu tur deatamach" gus àrd-sgoil Ghàidhlig sa bhaile a thoirt gu buil.
Tha Comhairle Dhùn Èideann air cur romhpa ionad tràth-bhliadhnaichean, an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig, agus àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile ro 2024.
Chruinnich Comann nam Pàrant Dùn Èideann oidhche Chiadain gus suidheachadh na h-àrd-sgoile a dheasbad.
Tha còmhraidhean air a bhith a' dol le Riaghaltas na h-Alba a thaobh taic-airgid, is ullachadh cuideachd air tòiseachadh aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig, far a bheil foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile stèidhichte sa bhaile an-dràsta.
Leudachadh
Thathas ag obair an sin gus an tuilleadh chuspairean a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig mar ullachadh airson gluasad gu làn-àrd-sgoil Ghàidhlig.
Ach le dùil ri co-chomhairle phoblaich tràth ann an 2020, chuala a' choinneamh Diciadain nach urrainn do phàrantan an strì a leigeil seachad.
"Tha e gu tur deatamach. Mura h-eil sinne ga dhèanamh, chan eil e a' dol a thachairt", thuirt an t-Oll. Wilson MacLeòid, a tha na bhall de Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann.
"Mar sin, gum bi daoine cruinn còmhla agus a' planadh agus a' dèanamh tòrr den obair bhunaitich, tha e cho riatanach 's a ghabhas airson gnothaichean a thoirt air adhart", thuirt e.
Obair
Chuala a' choinneamh mu na dùbhlain a th' ann le ceistean fhathast mu làraichean is taic-airgid, is cuideachd mu na h-àireamhan àrda de sgoilearan Gàidhlig aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig, is gu dearbha àireamhan nan sgoilearan air feadh a' bhaile san fharsaingeachd.
Thàinig rabhadh bhon Oll. MacLeòid, ged a tha e den bheachd gu bheil deagh rùn aig Comhairle Dhùn Èideann dhan Ghàidhlig, gu bheil obair mhòr ri dhèanamh gus cumail ris a' chlàr-ama a th' ann.
"Tha ceisteam mòra rim freagairt a thaobh airgid. Tha trioblaid mhòr ann an Dùn Èideann a thaobh mar a tha na h-àireamhan a' fàs, àireamh sgoilearan, agus mar sin tha an t-uabhas aig a' Chomhairle ri dhèanamh, a bharrachd air ceist na Gàidhlig.
"Mar sin tha cothrom ann nach bi a h-uile rud ag obarachadh a-mach mar bu chòir buileach. Tha gu leòr obarach ri dhèanamh gun teagamh", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 16 Am Faoilleach 2019
- 13 An Dùbhlachd 2018
- 9 An Dàmhair 2018