Fireannach air bàsachadh às dèidh tubaist

Published

Dh'innis Poileas Alba gun do chaill fireannach, 74, a bheatha ann an tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd oidhche Chiadain.

Thachair an tubaist air an A938 faisg air Drochaid Thulnain ann an Srath Spè.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 8.20f Diciadain.

Cha robh anns an tubaist ach an càr a bha an duine a' draibheadh, Citroen Picasso glas.

Rannsachadh

Bha an rathad dùinte ùine is chaidh fhosgladh às ùr goirid às dèidh 6.00m Diardaoin.

Thuirt an Sàirdseant Chris Moireach gu bheil rannsachadh air tòiseachadh is gu bheil na Poilis mar-thà air bruidhinn ri fianaisichean.

Dh'iarr e air duine sam bith a chunnaic an càr mus robh an tubaist ann fios a chur air na Poilis air 101 is le àireamh 3833 20/03 a thoirt seachad.

Thuirt an Sàirdseant Moireach gu bheil smuaintean nam Poileas le teaghlach an duine a bhàsaich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh