Binn gus a dhol air fear a rinn murt an Eilean Bhòid

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Facebook

Thèid binn Diardaoin air deugaire a dh' èighnich agus a mhuirt an nighean bheag Alesha NicPhàil ann an Eilean Bhòid an-uiridh.

Chaidh Aaron Caimbeul, 16, fhaighinn ciontach air a' mhìos seo chaidh gun tug e Alesha, 6, às an leabaidh aice san Iuchar, is gun do dh' èighnich e i agus gun do mhuirt e i.

Bha Alesha, às an Àrd-Ruigh, air a bhith air laithean-saora ann an Eilean Bhòid.

Thèid binn beatha a chur air Caimbeul Diardaoin, ach innsidh am britheamh, am Morair Matthews, cuideachd dè an ùine as lugha a bhios aige ri chur seachad sa phrìosan.

Thuirt am Morair Matthews roimhe gur dòcha nach bi e air a shaoradh a chaoidh.

Bha casg air Caimbeul ainmeachadh gu poblach fhad 's a bha a' chùis-lagha ann, ach cho-dhùin am britheamh an casg a thogail às dèidh mar a chaidh an deugaire fhaighinn ciontach.