Beinn Sìldeig air a ceannach

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Steve Carter

Tha Urras nan Coilltean air Beinn Sìldeig air taobh siar Rois a cheannach.

Chaidh aca air an £1.6m a bha a dhìth a thrusadh ann am beagan is dà mhìos.

Leanaidh iad orra a' trusadh airgid ge-tà, agus £3.4m a dhìth orra airson cosgaisean na h-obrach a tha san amharc aca.

Am measg eile, tha iad airson a' choille ghiuthais ainmeil a th' ann a leudachadh.

Craobhan

Gheall an t-Urras gun dèan iad co-chomhairle leis a' choimhearsnachd mu na planaichean a th' aca.

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais gur e àrainneachd phrìseil a tha sa bheinn, anns a bheil 4,000 acair de dh'fhearann.

Dh'innis iad gu bheil dà choille shònraichte ann, tè dhiubh de ghiuthas agus an tè eile de bheithe.

Tha Urras nan Coilltean ag ràdh gu bheil na coiltean ann an staid an ìre mhath is nach eil craobhan is lusan nach eil dùthchasach don àite idir ann.

Ath-nuadhachadh

Tha iad den bheachd gun urrainn dhaibh ath-nuadhachadh a thoirt air na coilltean gu luath cuideachd.

Bhiodh buannachdan mòra ann do dh'fhiadh-bheatha, tha iad ag ràdh, agus gu dearbha do bheatha feadhainn nach eil cho fiadhaich is obraichean ùra cuideachd an cois nam planaichean.

Dh'innis iad gum biodh iad airson daoine a bhrosnachadh a bhith a' coiseachd air a' bheinn is gur e cothrom a bhiodh ann luchd-turais is eile a thàladh.

Tha an t-Urras air manaidsear làraich is manaidsear pròiseict fhastadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo