Cead do haidro Ghlinn Èite
- Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean na Gàidhealtachd cead seachad 'son sgeamaichean haidro ann an Gleann Èite.
Chaidh seachd sgeamaichean a cheadachadh le Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air a' mhìos a dh'fhalbh.
Ach bha cuid de chomhairlichean air gearan mun bhuaidh a bheireadh iad air coltas an àite.
Bha an Comhairliche Anndra Baxter à Loch Abar air taic 20 comhairliche eile fhaighinn dha gluasad a dh'iarradh gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na co-dhùnaidhean - gu h-àraid trì de na sgeamaichean.
Chaidh cead a thoirt seachad aig coinneimh shònraichte den làn-Chomhairle Diciadain ann an Inbhir Nis.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh