Cocaine luach £60,000 air a lorg an Inbhir Nis

Poileas

Dh'innis Poileas Alba gun do lorg iad cocaine luach timcheall £60,000 ann an Inbhir Nis.

Thuirt iad gun do stad iad càr sa bhaile Dimàirt às dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn.

Rinn iad an uairsin sgrùdadh ann an taigh ann an sgìre Bhaile a' Ghobhainn.

Chaidh dithis fhireannach, 37 is 26, is boireannach, 59, a chur an grèim is chaidh casaidean a chur às an leth.

Tha dùil gun nochd an triùir ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Thuirt na Poilis gu bheil iad an eisimeil a' phobaill airson taic le stad a chur air feadhainn a tha a' malairt dhrogaichean.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mu dhrograichean brath a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile