Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, gur dòcha nach gabh co-dhùnadh dèanamh aig àrd-choinneimh an EU a-màireach air iarrtas foirmeil airson leudachadh air pròiseas Bhrexit. Tha a h-uile dùil gur e leudachadh gu deireadh na h-Ògmhios a dh'iarras Theresa May. Thuirt Sràid Dhowning gu bheil coire mhòr aig Buill-Phàrlamaid ris an dàil, agus gu bheil am Prìomhaire a cheart cho diombach 's a tha mòran den mhòr-shluagh.

Tràilleachd

Tha coltas ann gun robh àrdachadh còrr is leth-uimhir a-rithist air an àireamh dhaoine air an deach brath a ghabhail airson tràilleachd an Alba air an dà bhliadhna mu dheireadh. Chaidh 228 cùis a thoirt gu aire nam Poileas an Alba an-uiridh. 'S ann à Bhietnam a thàining 66 - còrr is an ceathramh cuid de na dh'fhulaing. Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Humza Yousaf, gur e figearan eagalach a bha sin.

Fearann

Tha Coimisean Fearainn na h-Alba ag ràdh gu bheil uachdarain a' gabhail brath air a' chumhachd a th' aca airson mì-fheum a dhèanamh den talamh ann an sgìrean dùthchail. Tha aithisg bhon Choimisean ag ràdh gu bheil smachd aig beag-chuid air an fhearann ann am mòran sgìrean, agus nach eil an lagh a' cur dìon air coimhearsnachdan. Thuirt buidheann nan uachdaran, Fearann agus Oighreachdan na h-Alba, gur e briseadh dùil a th' ann gu bheil an aithisg a' tarraing aire gu cò leis am fearann seach dè tha iad a' dèanamh leis.

Ola is Gas

Tha buidhean ola is gas na Rìoghachd Aonaichte, Oil and Gas UK, ag ràdh gum feumar £200bn a chosg airson làn bhrath a ghabhail air na th' air fhàgail dheth anns a' Chuan a Tuath. Tha an aithisg a dh'ullaich am buidheann ag ràdh gun tàinig fàs 20% air toradh a' ghnìomhachais air a' chòig bliadhna mu dheireadh, an dèidh crìonadh fad 14 bliadhna, ach gu bheil prothaidean agus airgead fhathast teann.

Gleann Èite

Tha comhairlichean Gàidhealach a' toirt sùil eile an-diugh air cead dealbhachaidh do thrì sgeamaichean haidro ann an Gleann Èite. Bha iad sin am measg seachd sgeamaichean anns an sgìre dhan tug a' chomataidh dealbhachaidh ionadail cead. Ach chaidh taic gu leòr fhaighinn airson ath-sgùdaidh air a' cho-dhùnadh sin. Tha buidhnean sreap is luchd-coiseachd am measg na tha ag ràdh gum milleadh na sgeamaichean coltas an àite.

Àireamhan Chomhairlichean

Thòisich co-chomhairle air an àireamh chomhairlichean a tha a' riochdachadh sgìrean eileanach. Tha Coimisean Crìche na h-Alba a' toirt sùil air dè a' bhuaidh a bheir Achd ùr nan Eilean air an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta far am feum triùir no ceathrar chomhairlichean a bhith sa h-uile uard ged a bhiodh eileanan an sin air nach eil duine a' fuireach. Tha an achd ùr a' ciallachadh nach biodh a dhìth ann an sgìrean mar sin ach aon chomhairliche no dithis.