Haidro Ghlinn Èite fon phrosbaig a-rithist

Published
image copyrightCarol Walker/Geograph

Beachdaichidh comhairlichean na Gàidhealtachd Diciadain air co-dhiù bu chòir cead a thoirt do thrì sgeamaichean haidro ann an Gleann Èite a dhol air adhart.

Bha na trì sgeamaichean am measg seachd sgeamaichean a chaidh a cheadachadh le Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air a' mhìos a dh'fhalbh.

Ach tha cuid de chomhairlichean air gearain mu dheidhinn, 's iad ag iarraidh ath-sgrùdaidh air na co-dhùnaidhean.

Thadhail buill na comataidh dealbhachaidh air na làraichean mus tug iad cead do na h-iarrtasan bho Dickins Hydro Resources.

Ach tha an Comhairliche Anndra Bacastair à Loch Abar air taic fichead comhairliche eile fhaighinn dha gluasad a dh'iarradh gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na co-dhùnaidhean - gu h-àraid trì de na sgeamaichean.

'S ann mu cho follaiseach 's a bhios na sgeamaichean air coltas a' ghlinne - a tha na phàirt de sgìre "Thalamh Fhiadhaich" - sgìre a tha a' sìneadh a-mach deas air an rathad tron ghleann.

Thèid beachdachadh às ùr air buaidh nan sgeamaichean aig coinneimh shònraichte den làn-Chomhairle Diciadain ann an Inbhir Nis.