Danny Dòmhnallach air ICT fhàgail

Published
image copyrightSNS

Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil Danny Dòmhnallach air a dhreuchd mar stiùiriche acadamaidh fhàgail.

Tha an Dòmhnallach air a bhith ann an iomadh dreuchd aig ICT, cluicheadair is coidse nam measg, a bharrachd air a bhith os cionn na h-acadamaidh.

Thug cathraiche Chaley Thistle, Graham Rae, taing dha airson a sheirbheis.

Thuirt e gur ann le aithreachas a tha bòrd ICT air gabhail ri co-dhùnadh Mhgr Dhòmhnallaich.

Sreath

Dh'innis Caley Thistle gum bi Teàrlach Christie, a tha na cheannard air leasachadh na h-òigridh, os cionn na h-acadamaidh gu h-eadar-amail.

'S e Danny Dòmhnallach an treas neach a tha air Caley Thistle Inbhir Nis fhàgail bho chionn ghoirid.

Dh'fhàg Ronnie Duncan a dhreuchd aig acadamaidh na h-òigridh an t-seachdain seo chaidh.

Bha Yvonne Crook air a dreuchd mar àrd-oifigear a leigeil dhith an t-seachdain ron sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh