Co-chomhairle nan comhairlichean
- Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairle le ùghdarrasan ionadail eileanach air an àireamh chomhairlichean anns na h-uardan aca.
Feumaidh an-dràsta triùir no ceathrar chomhairlichean a bhith anns gach uard.
Tha Achd nan Eilean 2018 a' ceadachadh uardan le aon no dithis chomhairlichean nuair a tha eilean anns an uard.
Bidh Coimisean Crìochan Riaghaltas Ionadail na h-Alba an toiseach a' conaltradh ri Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn.
Poball
Mairidh a' cho-chomhairle dhan 20mh den Chèitean.
Thèid an coimisean an uairsin a thrusadh bheachdan am measg a' phobaill as t-Samhradh.
Bidh an dearbh phròiseas ann às dèidh sin le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle na Gàidhealtachd, agus Comhairle Siorrachd Àir a Tuath.
Cuiridh an coimisean molaidhean dhan Riaghaltas ron Chèitean 2021.
Tha dùil ris an ath-thaghadh ionadail sa Chèitean 2022.