Strì a' chàbaill gus leantainn

Published

Tha riochdairean poileataigeach nan Eilean Siar ag ràdh nach gèill iad nan oidhirp càball dealain 600MW fhaighinn eadar Leòdhas agus Tìr-Mòr.

Dh'innis riaghladair a' chumhachd, Ofgem, gu bheil iad an dùil taic a chur ri càball 600MW eadar Sealtainn agus Tìr-Mòr.

Thuirt iad ge-tà, gur docha gur e càball 450MW a bu choltaiche dha na h-Eileanan an Iar, mura gabh cosgaisean lùghdachadh air dòigh eile.

Buannachd

'S e càball 600MW a bha san amharc anns na h-Eileanan an Iar bho thùs, is tha dragh ann nach biodh càball 450MW mòr gu leòr 'son brath a ghabhail air na cothroman a th' ann le cumhachd ath-nuadhachail san sgìre.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e ceum air adhart a th' ann gu bheil Ofgem a' sealltainn taic dha càball dealain.

Thuirt iad ge-tà, gur e "briseadh-dùil mòr" a th' ann gum b' fheàrr le Ofgem càball 450MW seach 600MW.

Dh'innis a' Chomhairle gu bheil an t-uabhas de phròiseactan san amharc is gur e càball 600MW a tha a dhìth.

"Tha conaltradh a' dol a thachairt a-nise is bidh sinn a' toirt fianais ùire dhan bhòrd air beulaibh Ofgem", thuirt Stiùiriche Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair.

"Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine anns na h-Eileanan Siar a tha ag iarraidh càbaill a thighinn a-steach a bhruidhinn rinn gum faic sinn dè an fhianais a gheibh sinn, dè na rudan ùra as urrainn dhuinn cur air a' bhòrd airson Ofgem airson an inntinn atharrachadh a dhol air ais gu 600MW.

Truagh

"Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' lorg fianais airson 600MW is mar sin chan eil 600MW deiseil fhathast. Bidh sinn an dòchas gum faigh sinn stuth ùr thuca a a dh'atharraicheas an inntinn", thuirt e.

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil beachd Ofgem "car truagh".

Bhruidhinn Mgr MacNìll ri Ofgem Dimàirt is thuirt e gun do dh'innis e dhaibh nach fhaighear luach an airgid le càball 450MW, is gu bheil ceist ann fiù 's an tèid càball den mheudachd sin air adhart.

Dh'iarr Mgr MacNìll agus BPA na sgìre, Alasdair Allan, air Ofgem meòrachadh air a' ghnothach às ùr

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh