Boireannach a bhàsaich air Tràigh Niseaboist air a h-ainmeachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Poileas Alba

Dhearbh Poileas Alba gur e Agnes Proudhon-Smith a chaill a beatha air tràigh anns na Hearadh Diciadain.

Bha i 50 bliadhna de dh'aois agus 's ann à Lunnainn a bha i.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Tràigh Niseaboist mu 08.25m Diciadain.

Thathas a' dèanamh dheth gun robh Ms Proudhon-Smith a' coiseachd air na creagan agus gun deach a sguabadh dhan mhuir.

Chaidh a togail às a' mhuir le heileacoptair nam maor-cladaich gu ruige Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, far an deach innse gun do bhàsaich i.

Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn ach nach eileas a' smaointinn gu bheil dad amharasach mun chùis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh