'Mì-fheum' de chumhachdan fearainn

Published
image copyrightGetty Images
image captionTha an aithisg le Coimisean Fearann na h-Alba ag ràdh gu bheil cha mhòr monopolaidh talmhainn ann an grunn sgìrean, agus nach eil an lagh gu mòran feum a thaobh còraichean dhaoine a dhìon anns na sgìrean sin.

Tha aithisg ùr bho Choimisean Fearann na h-Alba ag ràdh gu bheil uachdarain aig a bheil raointean mòra talmhainn a' gabhail brath air agus a' dèanamh mì-fheum den chumhachd a tha aca.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil cha mhòr monopolaidh talmhainn ann an grunn sgìrean, agus nach eil an lagh gu mòran feum a thaobh còraichean dhaoine a dhìon anns na sgìrean sin.

Ghabh coimisean an fhearainn fianais bho chòrr is 400 neach agus buidheann ann an Alba an lùib na h-obrach-rannsachaidh aca.

Cho-dhùin iad, às dèidh seo, gu bheil an dòigh sa tha earrannan mòra de dh'fhearann na h-Alba le cuid a dh'uachdarain a' dol anns an rathad air leasachadh dùthchail.

Gabhail brath

Tha iad ag ràdh gur e bu choireach ris a sin gu bheil e an urra ri na h-uachdarain co-dhùnadh cò dh'fhaodas cead fhaighinn air an talamh aca, cuine a dh'fhaodas sin tachairt agus dè a' chosgais a bhios na lùib.

Tha an coimisean ag ràdh ann an cuid de shuidheachaidhean gu bheil brath ga ghabhail leotha air an t-suidheachadh sin agus gu bheil mì-fheum ga dhèanamh den chumachd a th' aca.

Tha iad ag ràdh gum feumar dòighean a lorg gun dàil gus feadhainn a tha a' dèanamh sin aithneachadh.

Tha na h-uachdarain ag ràdh gur e bristeadh-dùil a th' ann dhaibh gu bheil an aithisg seo a' cur fòcas air cò bu leis fearann na h-Alba seach air na dòighean anns a bheil fearann na dùthcha ga chur gu feum.

Beachdachaidh ministearan an riaghaltais a-nis air co-dhùnaidhean na h-aithisg seo bhon choimisean.