"Cha ghabh sinn ri burraidheachd"

NHS na Gàidhealtachd

Thuirt àrd-oifigear ùr NHS na Gàidhealtachd nach gabh e idir ri burraidheachd sam bith sa bhuidhinn.

Chaidh Iain Stiùbhart, a bhoinneas dha Leòdhas bho thùs, a chur ann an dreuchd aig toiseach na bliadhna agus casaidean de bhurraidheachd a' cuairteachadh NHS na Gàidhealtachd.

Tha rannsachadh neo-eisimeileach mu na casaidean sin a' dol air adhart fo stiùir Iain Sturrock QC.

Thuirt Mgr Stiùbhart gun coimhead e ri mar a dhèilig NHS na Gàidhealtachd ri suidheachaidhean mar seo roimhe, is gun dèan e cinnteach gun tèid casaidean sam bith eile a dh'fhaodadh nochdadh a rannsachadh.

Gheall e gum bi siostam ann a leigeas le daoine draghan a th' orra a thoirt am follais, is gum bi cùram is taic ann dha daoine a th' air burraidheachd fhulang.

Amasan

Bhruidhinn Mgr Stiùbhart cuideachd mu na prìomhachasan eile a th' aige san dreuchd.

Thuirt e gum bi aige ri dèiligeadh ri trioblaidean ionmhas NHS na Gàidhealtachd, ach gur e cùram nan euslainteach am prìomh amas aige.

Dh'innis e gu bheil e airson is gum faigh euslaintaich cùram cho faisg air na sgìrean aca fhèin 's a ghabhas.

Thuirt e gun coimhead e ri diofar mhodailean airson seo a thoirt gu buill is mar a ghabhas teicneolas ùr a chur gu feum.

A bharrachd air Iain Stiùbhart, tha cuideachd cathraiche ùr eadar-amail air Bòrd Slàinte na Gaidhealtachd, an t-Ollamh Boyd Robasdan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile