Dòchas fhathast aig United

Published
image copyrightSNS

Fhuair Dundee United spionnadh nan oidhirp Ross County a ghlacadh aig mullach an Championship le buaidh nan aghaidh aig Tannadice oidhche Mhàirt.

Rinn tadhal trath bho Chalum Butcher a' chùis is an geama a' crìochnachadh 1-0.

Tha seo a' fàgail gu bheil United air a' bheàrn aig mullach na lìge a ghearradh, ged a tha County fhathast ochd puingean air thoiseach le ochd geamaichean air fhàgail.

Bidh cothrom a-nise aig United beagan uallaich a chur air County anns na seachdainean ri tighinn is dà gheama aca mus cluich County geama lìge eile.

Tha an ath-gheama aig County fhèin sa chuairt dheireannaich de Chupa Irn-Bru Disathairne an aghaidh Connah's Quay Nomads.