Stiùireadh ùr oifigeil 'son gràmar na Gàidhlig

Published

Chaidh stiùireadh oifigeil ùr fhoillseachadh air gràmar na Gàidhlig.

Dh'obraich Bòrd na Gàidhlig còmhla ri Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a' cruthachadh an stiùiridh ùir, a tha ag amas air cleachdaidhean an là an-diugh a shoilleireachadh.

Thathas an dùil gur e bun-stèidh a bhios ann airson leabhar gràmair ùir choileanta san àm ri teachd.

Chaidh an stiùireadh ùr a chruthachadh an dèidh rannsachaidh a nochd gur e stiùireadh earbsach air gràmar an là an-diugh as motha a bha a dhìth air luchd-labhairt a' chànain.

Caochlaidhean

Tha e a' togail air 11 de na cuspairean as dùbhlanaiche ann an gràmar na Gàidhlig, a chaidh a shònrachadh le suirbheidh am measg luchd-proifeiseanta na Gàidhlig agus tidsearan.

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil toradh a' phròiseict Soillse cho-obrachail seo air fhoillseachadh agus a-nis ri fhaotainn le coimhearsnachd na Gàidhlig," thuirt Àrd-Oll. na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, Roibeard Ó Maolalaigh.

"Tha sinn an dòchas gun neartaich an stiùireadh soilleir ùghdarrasail air cuid de na pàtranan caochlaideach as dùbhlanaiche ann an gràmar na Gàidhlig, an cànan agus gun tog e misneachd an luchd-labhairt ann a bhith a' dèiligeadh ris na caochlaidhean nàdarra sa chànan."

Thuirt Dàibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: "Sa chiad dol-a-mach, bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine is buidheann a tha air cuideachadh leis a' phròiseact seo.

Misneachd

"'S e prìomh amas a' Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

"Ma bhios barrachd misneachd aig daoine an cànan a chleachdadh, cleachdaidh iad nas trice i, agus cuidichidh an goireas seo daoine gus Gàidhlig a chleachdadh le barrachd misneachd agus nas trice.

"A thuilleadh air an stiùireadh fhèin, tha sinn ag obair còmhla ri Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig gus taghadh de ghoireasan cudromach agus cothroman trèanaidh a chur air dòigh thairis air na mìosan a tha romhainn a chuidicheas daoine le bhith a' dèanamh feum den stiùireadh.

"Tha e cuideachd san amharc againn leudachadh air a' ghoireas seo gus togail air puingean gràmair eile a tha luchd-cleachdaidh a' chànain air a chomharrachadh mar chùisean far a bheil soilleireachd a dhìth."

Tha an stiùireadh ùr ri fhaighinn air-loidhne air làrach "Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig" (DASG) aig Oilthigh Ghlaschu.

Thathas an dòchas gum bi e na chuideachadh do luchd-cleachdaidh de gach seòrsa - nam measg tidsearan, craoladairean agus proifeiseantaich Ghàidhlig eile.