Ofgem an aghaidh càball dealain nan eilean

Crann-gaoithe
Image caption Tha mòran a' meas gu bheil a leithid de chàball a dhìth airson barrachd feum a dhèanamh de chumhachd gaoithe nan eilean.

Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, ag ràdh nach biodh iad airson cead a thoirt do chàball dealain ùr, leasaichte, eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr, mura bi e nas saora.

Tha cosgais £663m an-dràsta mu choinneamh nam planaichean airson càball de 600 megawatt.

Tha mòran a' meas gu bheil a leithid de chàball a dhìth airson barrachd feum a dhèanamh de chumhachd gaoithe nan eilean.

Bha Radio nan Gàidheal ag aithris an t-seachdain seo chaidh gun robh Ofgem a' moladh gum biodh càball le meud nas lugha ann air fheuchainn, no gum biodh dòigh eile air lorg gus an sgeama a dhèanamh nas saora.

Tha Ofgem air moladh ceangal dealain ùr eadar Sealtainn agus tìr-mòr a cheadachadh ge-tà, cho fad' 's gum faigh tuath gaoithe ùr Viking taic airgid am-bliadhna.

Chuir a' chompanaidh leasachaidh, SSEN, fàilte air naidheachd Shealtainn, ach dh' iarr iad air Ofgem beachdachadh a-rithist air co-dhùnadh nan Eilean Siar.