£37m air luchd-comhairleachaidh air a' Ghàidhealtachd

Published
image captionTha ceannardan na comhairle ag ràdh gu bheil e gu math tric nas èifeachdaiche seirbheisean a cheannach bho eòlaichean, na an obair a dhèanamh sa chomhairle fhèin.

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' dìon na thathas a' cosg air seirbheisean bho luchd-comhairleachaidh bhon taobh a-muigh.

Nochd iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun do chosg a' chomhairle £37m ann an sia bliadhna air luchd-comhairleachaidh.

Ach tha ceannardan na comhairle ag ràdh gu bheil e gu math tric nas èifeachdaiche seirbheisean a cheannach bho eòlaichean, na an obair a dhèanamh sa chomhairle fhèin.

Thuirt ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gu bheil ceistean oirre a bheil coimhearsnachdan a' faighinn buannachd agus a bheil na seirbheisean nas fheàrr mar thoradh air obair an luchd-comhairliche.