Taghadh Chupa an t-Sutharlanaich an t-seachdain seo

Published
image copyrightComann na Camanachd
image captionBail' Ùr an t-Sleibh leis a' chupa an-uiridh.

Dhearbh Comann na Camanachd gum bi taghadh Chupa an t-Sutharlanaich ann an t-seachdain seo.

Thèid an taghadh a dhèanamh aig 3f Diciadain ann an oifisean a' chomainn ann an Inbhir Nis.

Thèid a chraoladh beò air Facebook.

Bhuannaich Bail' Ùr an t-Slèibh an cupa ann an 2018, an treas turas sa cheithir bliadhna mu dheireadh a bha iad air Cupa an t-Sutharlanaich a thogail.

Rinn iad an gnothach 5-2 air Ceann a' Ghiuthsaich sa chuairt dheireannaich.

Tòisichidh farpais na bliadhna air an 6mh den Ghiblean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh