Lòbhat aig a' mhullach

Iomain

Tha Lòbhat fhathast aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain às dèidh deireadh-seachdain eile nuair a rinn an droch aimsir sgrios air clàr nan geamaichean.

'S e an geama aca le Ceann a' Ghiuthsaich an Cill Taraglain an aona gheama a chaidh air adhart sa Phrìomh Lìog.

Chuir Greg MacMhathain Lòbhat air thoiseach goirid ro lethach ùine, ach fhreagair Savio Genini dha Ceann a' Ghiuthsaich goirid às dèidh dha na sgiobaidhean tòiseachadh a-rithist.

Fhuair Marc MacLachlainn tadhal gus Lòbhat fhàgail 2-1 air thoiseach, ach shàbhail Genini puing dha Ceann a' Ghiuthsaich le tadhal eile anns na dìogan mu dheireadh.

Gu dearbh, dh'fhaodadh sgioba Bhàideanach a bhith air na puingean air fad a ghoid is cothrom eile aig Genini aig fìor dheireadh a' gheama.

Ged a tha Lòbhat aig mullach na lìge, bidh e na bhriseadh-dùil dhaibh gu bheil iad air puingean a leigeil às san dà gheama mu dheireadh aca às dèidh dhaibh an seusan a thòiseachadh le Ceann Loch Seile a phronnadh.

Dìle

Cha deach ach dà gheama eile air adhart ann am iomain nam fear.

Shoirbhich leis an dàrna sgioba aig Lòbhat an aghaidh Oilthigh Obar Dheathain 4-0 ann an Lìog Tuath 1, is rinn Baile a' Chaolais a' chùis 2-1 air a' Chaol Ghleann ann an Lìog Deas 1.

Ann an iomain nam ban cha robh ach aona gheama ann, is dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich a' dol an aghaidh Inbhir Nis air pàirce phlastaig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Bha na Sgitheanaich cus ro mhath is iad a' buannachadh 9-3, Abby NicIlleathain a' cur seachd tadhail.

Bidh na clubaichean uile an dòchas gun tig piseach air an aimsir anns na seachdainean ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile