Na h-aon chothroman aig BBC Alba 's a th' aig BBC Scotland?

Ailean Dòmhnallach Image copyright Donald MacLeod
Image caption Tha Cathraiche ùr MG, Ailean Dòmhnallach, air sgrìobhadh chun a' BhBC ag iarraidh orra cumail ri gealladh gus barrachd phrògraman ùra a chruthachadh dha BBC Alba, agus gum biodh dealbhan an sianal ri fhaotainn ann an HD, mar a tha BBC Scotland.

Tha MG Alba, a bhios a' ruith BBC Alba ann an co-bhonn ris a' BhBC fhèin, ag iarraidh gum bi na h-aon chothroman aig sianal telebhisein na Gàidhlig 's a tha aig sianal ùr na Beurla, BBC Scotland.

Tha Cathraiche ùr MG, Ailean Dòmhnallach, air sgrìobhadh chun a' BhBC ag iarraidh orra cumail ri gealladh gus barrachd phrògraman ùra a chruthachadh do BhBC Alba, agus gum biodh dealbhan na seanail ri fhaotainn ann an HD, mar a tha BBC Scotland.

Tha nas lugha ath-chraolaidhean air an ceadachadh air an t-sianal Beurla na air BBC Alba.

Thuirt am BBC gun robh fadachd orra coinneachadh ri Mgr Dòmhnallach na dhreuchd ùr.