Sgrùdadh mu bhrath feiseil air cloinn

Oirthir Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt daoine bhon Gàidhealteachd agus anns na h-Eileanan gun robh fios aca gum biodh inbhich a' gabhail brath feiseil air cloinn, ach bha iad na bu dhualtaiche a ràdh nach robh e a' tachairt far an robh iad a' fuireach.

Thèid sgrùdadh air mar a tha inbhich a' gabhail brath feiseil air cloinn ann an Alba fhoillseachadh ann an Inbhir Nis Diluain.

Rinneadh an rannsachadh leis a' bhuidhinn Barnardos Scotland, agus iad airson toirt air daoine barrachd aire thoirt dhan trioblaid mu dheidhinn na cùise - gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

'S e seo a' chiad sgrùdadh de a seòrsa seo a-riamh an Alba.

Am measg mìle neach a ghabh pàirt, chan eil ach an dàrna leth dhiubh a' creidsinn gu bheil daoine a' gabhail brath feiseil air cloinn sna coimhearsneachdan acasan.

Tuigse

Thuirt daoine bhon Gàidhealteachd agus anns na h-Eileanan gun robh fios aca gum biodh seo a' tachairt, ach bha iad na bu dhualtaiche a ràdh nach robh e a' tachairt far an robh iad a' fuireach.

Fhuaireadh cuideachd nach eil cus tuigse ann gum bi clann nas sine a' toirt brath air cloinn nas òige.

Bha beachdan seann-fhasanta ann cuideachd, nach robh sian ceàrr air boireannach nas sine a bhith a' gabhail brath air balach nas òige - suas gu 18 bliadhna a dh'aois.

Tha dòchas ann gum bi am pròiseact seo ag atharrachadh a leithid de bheachdan.