Horse Therapy
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leigheas le eich

15 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fios againn gu bheil beathaichean is peataichean feumail ann a bhith a' cumail smachd air rudan mar throm-inntinn agus iomagain - gu h-àraid am measg sheann daoine.

Glè thric bidh dachannan-cùraim a' cur feum air beathaichean teiripe airson euslaintich a mhisneachadh.

'S àbhaist gur e coin, cait neo 's ma dh'fhaoidte rabaidean a tha iad a' cleachdadh.

Ach a-nis tha ionad-cùraim san Òban air a dhol ceum nas fhaide is iad air eich a thoirt a-steach airson togail a thoirt dhan luchd-còmhnaidh.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.