Sgeama spadaidh a' mhinc a' leantainn

Published
image copyrightMat Fascione/Geograph

Tha an sgeama airson cur às dhan mhinc ann an Leòdhas agus na Hearadh a' leantainn a dh'aindheoin dearbhaidh as t-Samhradh seo chaidh bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gun do shoirbhich leis an sgeama.

Tha buidheann ghlèidhteachais an Riagaltais a-nis a' sireadh sealgair ùir airson na beathaichean a ghlacadh agus a spadadh.

Chan eil am minc Aimeireaganach dùthchasach dha na h-Eileanan Siar, ach chaidh feadhainn a leigeil ma sgaoil sna 1950an.

Shoirbhich leotha ach rinn iad cron mòr air eòin a tha a' neadachadh air a' mhòintich agus air a' mhachair.

Thòisich sgeama airson cur às dhaibh ann an 2001, a' toirt obair làn-ùine do 12 duine.

Chaidh sin a lùghachadh gu sianar ann an 2013.

Thuirt SNH nach deach ach seachd beathaichean a ghlacadh ann an Leòdhas agus na Hearadh ann 2016, agus as t-samhradh thuirt iad gun deach aca air cur às dhan mhinc san sgìre.

On uairsin ge-tà, chaidh grunn dhiubh fhaicinn - gu h-àraid ann an sgìre Ùige.

Mar sin, tha iad a' fastadh sealgair eile leis nach eil ach aon duine ris an obair an-dràsta, agus tha iad a' gabhail ris nach robh e comasach dha dèiligeadh ri sgìre cho mòr.

Thuirt fear-labhairt gum feum dà bhliadhna a dhol seachad mus urrainn dhaibh a ràdh le cinnt nach eil minc air fhàgail.