Moladh air sreapadairean a bhàsaich

Published
image copyrightMathieu Biselx

Rinn sreapadair moladh air a thriùir charaidean a bhàsaich an dèidh maoim-sneachda air Beinn Nibheis Dimàirt.

B' e Mathieu Biselx, aois 30, às an Eilbheis, an aon duine a thàinig beò tron mhaoim ann an Gil 5 air a' bheinn.

Bhàsaich dithis Fhraingeach agus Eilbheiseach eile.

Air na meadhanan sòisealta, thuirt Mgr Biselx, a chaidh a ghoirteachadh: "Ralph, Cédric agus Adrien. Tapadh leibh airson ur càirdeas."

Thug e taing dha na caraidean aige airson an cuid brosnachaidh, agus thuirt e gun robh esan, agus càch, "uile ann" airson nan teaghlaichean aca.

"Bidh mi gur giùlain nam chridhe gu bràth," thuirt e.

image copyrightMathieu Biselx

'S e Mgr Biselx, a th' air a bhith a' faighinnn cobhair mheadaigich aig Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu, ceann-suidhe roinn Sion de Chluba Alpineach na h-Eilbheis. Bha a charaidean a bhàsaich nam buill den chluba cuideachd.

Thathas a' tuigsinn gun do thòisich a' mhaoim-sneachda os cionn far an robh an ceathrar fhireannach a' sreap.

Chaidh iomairt mhòr theasairginn a chur air dòigh san robh sgiobannan teasairginn bheanntan Loch Abair agus Ghlinne Chomhann, criuthaichean heileacoptair nam Maor-Cladaich, buill de na feachdan armaichte, na Poilis agus seirbheis nan carbadan-eiridinn.