CMAL gan dìon fhèin
- Air fhoillseachadh

Tha Gàradh MhicFhearghais. a th' air mòran bhàtaichean a thogail do CMAL, ag ràdh gu bheil iad an impis £40m a chall air a' chùmhnant.
Tha a' bhuidheann phoblach CMAL, leis a bheil bàtaichean aiseig ChalMac, air iad fhèin a dhìon san argamaid mun dàil air dà bhàta ùr a tha gan togail dhaibh.
Tha Gàradh MhicFhearghais, air Abhainn Chluaidh, air gearain gu bheil iad an impis £40m a chall air a' chùmhant - luach £97m.
Choirich iad cho tric 's a bha CMAL air a dhol an sàs sna planaichean.
Ach thuirt Àrd-Oifigear CMAL, Kevin Hobbs, nach do dh'adhbhraich iad ach nas lugha na £1.5m de chosgais a bharrachd, agus gun robh a' chùis gu math duilich agus àmhghaireach.