Càball nas lugha ga mholadh

Published
image captionTha càball ùr ri Tìr-Mòr riatanach airson 's gun gabh cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh anns na h-Eileanan Siar.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil riaghaladair a' chumhachd, OFGEM, a' moladh càball dealain ùir dha na h-Eileanan an Iar, a bhiodh na bu lugha na tha mòran air a bhith ag iarraidh.

Tha feum air càball dealain nas motha airson barrachd dealain a thèid a dhèanamh le tuathan-gaoithe is eile a thoirt gu margaidhean air tìr-mòr, agus gus am faigheadh barrachd phròiseactan coimhearsnachd an cothrom tuathan-gaoithe a thogail.

Tha dùil gu bheil OFGEM a' moladh càball sam biodh 450 Megawatt, nuair a bha luchd-leasachaidh ag ràdh gum biodh 600 Megawatt a dhìth airson tuathan-gaoithe mòra a thogail.

Bha dùil gum foillsicheadh OFGEM Dihaoine an t-seòrsa càbaill dealain a tha iadsan den bheachd a bhiodh freagarrach airson nan Eilean Siar.

Tha iad a-nist air seo air a chur dheth gu toiseach na h-ath-sheachdain.

Tha luchd-leasachaidh air a ràdh roimhe gun robh 450MW gan cuingealachadh gu mòr, agus 's e glè bheag a bhiodh air fhàgail do na coimhearsneachdan.

Tha càball nas lugha a' ciallachadh gum bi leithid Chumhachd Gaoithe Leòdhais a' giùlain fada a bharrachd de chosgais a' chàbaill, agus nuair a thig e gu bhith a' dol a-steach airson taic bhon Riaghaltas - ris an canar Contracts for Difference - nì e cùisean nas duilghe dhaibh farpais an aghaidh nan tuathan-gaoithe mòra aig muir.