Leasachadh air fàire aig Cala Inbhir Ùige

Cala Inbhir Ùige ann an droch shìde Image copyright Dorcas Sinclair/Geograph

Thèid còrr air £3m a chosg air balla mara ùr a chuireas dìon air Cala Inbhir Ùige, le pàirt den mhaoineachadh a' tighinn bho Ùghdarras an Dì-Choimiseanaidh Niuclasaich.

Tha a' ghaoth an ear air stad a chur air soithichean a bhith a' faighinn a-mach 's a-steach dhan chala bho chionn fhada, agus bidh tuinn mhòra, leis an làn-àrd, a' dèanamh millidh.

Tha dùil gun cuir am balla mara ùr - sam bi geata a chuireas dìon air a' chala bhon làn-àrd, agus bhon ghaoith an ear - a' toirt an t-suidheachaidh sin gu crìch ge-tà.

Chaidh a dhearbhadh a-niste gur ann bho Ùghdarras an Dì-Choimiseanaidh Niuclasaich - a tha an urra ri bhith a' dùnadh sìos seann ionad niuclasaich Dhùnrath ann an Gallaibh - a thig £1m den mhaoineachadh airson a' phròiseict.

Fhad 's a tha am maoineachadh ga chur air dòigh, cuiridh Ùghdarras Port Inbhir Ùige cùmhnant airson a' phròiseict a-mach gu tairgse.