Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Bidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan feasgar air am bu chòir dàil iarraidh ann am Brexit an dèidh do Bhuill-Phàrlamaid cùl a chur an-raoir ri falbh às an EU gun aonta. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad deònach foighneachd den Aonadh Eòrpach airson leudachadh air Artaigil 50 gu deireadh na h-Ògmhios. Nì Theresa May an treas oidhirp an ath-sheachdain air a h-aonta-sa a chur tron Phàrlamaid, agus thuirt i mura cuir Buill-Phàrlamaid taic ri sin gur dòcha gum feum maill gu math nas fhaide a bhith ann.

Dòmhnach na Fala

Tha dùil ri fios an ceart-uair an tèid seann shaighdearan a chur fo chasaid mun mharbhadh air Dòmhnach na Fala ann an Èirinn a Tuath bho chionn faisg air 50 bliadhna. Loisg saighdearan o Rèiseamaid nam Paraisiut air sluagh aig caismeachd mu chòraichean sìobhalta ann an Doire air an 30mh là den Fhaoilleach ann an 1972, agus chaill 13 duine am beatha.

Obar Dheathain

Tha dùil ri duine a tha 34, anns a' chùirt ann an Obar Dheathain an-diugh fo chasaid mu thubaist-rathaid a' bhòn-dè anns an deach triùir a mharbhadh 's ceathrar a ghoirteachadh. Bha dà chàr agus bus anns an tubaist air an A90 aig ceann-rathaid Ghleann Biorbhaidh feasgar Dimàirt.

Croitearachd

Tha Caidreachas na Croitearachd ag ràdh gur e Brexit a-niste an cunnart as motha dhan ghnìomhachas. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air leigeil fhaicinn, ma 's e Brexit gun aonta a bhios ann, gun cuir iad taraif air feòil uain is feòil mhairt às an Aonadh Eòrpach. Tha dragh air a' Chaidreachas gum freagair an EU sin, far a bheil a' mhòr-chuid de dh'uain nan croitearan a' dol, le taraif nas motha air feòil às an dùthaich seo.

Tramaichean Dhùn Èideann

Tha comhairlichean ann an Dùn Èideann an-diugh a' deasbad leudachaidh a chosgadh còrr is £200m air pròiseact chonnspaideach tramaichean a' bhaile. Ma gheibh i cead tha dùil gum biodh an t-slighe ùr a' fosgladh ann an 2023 a' ruith bho Phort-Adhair Dhùn Èideann, agus tro mheadhan a' bhaile, gu Newhaven.