Rabhadh às dèidh bàs air Beinn Nibheis
- Published
Tha na Poilis agus buidhnean sreap ag iarraidh air daoine a bhith air am faiceall, ma tha iad a'dèanamh air na beanntan.
Dh'iarr iad air daoine aire a thoirt dhan aimsir, agus an suidheachadh a th' ann le maoimtean-sneachda mus tèid iad dhan bheinn.
Tha seo às dèidh bàs thriùir - dithis às an Fhraing agus fear bhon Eilbheis - air Beinn Nibheis Dimàirt.
Bha an dithis as an Fhraing aois 41 agus 32, agus am fear às an Eilbheis a bhàsaich aois 43.
Thuirt na Poilis gur ann às an Eilbheis cuideachd a tha Mathieu Biselx a tha a' faighinn cobhair ann an Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu, 's e air a dhroch ghoirteachadh.
Tha Mgr Biselx na cheann-suidhe air cluba streap anns an Eilbheis.
Tha Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Slèibhe ag ràdh gu bheil an t-sìde a tha air a bhith ann anns na seachdainean a dh'fhalbh - le aimsir bhlàth, agus stoirmean mòra ga leantainn - air suidheachadh àraid fhàgail air na beanntan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 13 Am Màrt 2019