Làimhseachadh Bhrexit "na chunnart mòr"

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu bheil mar a tha Brexit ga làimhseachadh a-nis am measg nan cunnartan as motha a th' ann ro choimhearsnachdan croitearachd.

Bha iad a' bruidhinn às dèidh dhan Riaghaltas innse Diciadain gun cuir iad cìsean air feòil chaorach agus feòil mhairt a thig bhon Aonadh Eòrpach, ann an oidhirp an gnìomhachas a dhìon.

Tha dragh air croitearan ge-tà, gun cuir an EU cìsean an uairsin air feoil chaorach à seo a thèid dhan Roinn Eòrpa - a' mhargaidh as cudromaiche a th' ann do chroitearan.