Còmhlain air fad aig Fèis Cheilteach Innse Gall

Published
image copyrightColin Cameron
image captionThòisich Fèis Cheilteach Innse Gall ann an 1996 agus tha i air fàs gu mòr thairis air na bliadhnaichean.

Chaidh deich còmhlan eile ainmeachadh a bhios air an àrd-ùrlar aig Fèis Cheilteach Innse Gall, nam measg Hudson Taylor à Eirinn, Ferris & Sylvester à Lunainn, an t-seinneadar Albannach ainmeil, Kris Drever a bharrachd air Sian - còmhlan ciùil Gàidhlig.

Tha fios mar tha gu bheil KT Tunstall, The Shires agus Tide Lines gu bhith a' gabhail pàirt anns an fhèis cuideachd.

Thèid an fhèis air adhart eadar an 17mh agus 20mh Iuchair ann an Steòrnabhagh le measgachadh de cheòl traidiseanta, Ceilteach, Bluegrass agus Americana agus a' toirt cothrom do luchd-ciùil ùr faighinn air an àrd-ùrlar cuideachd.

Thuirt Stiùiriche HebCelt, Caroline NicIllinein gu bheil iad fìor thoilichte leis na còmhlain a tha iad air a chur air dòigh 'son na bliadhna seo.

"Gheibh an luchd-èisteachd cothrom feadhainn den luchd-ciùil traidiseanta as fhèarr a tha ri chluinntinn, a bharrachd air feadhainn a tha air ùr-thòiseachadh agus a' dol a bhith nan rionnagan mòra," thuirt i.

image copyrightBrandon Herrell
image caption'S ann a' seinn air sràidean Bhaile Átha Cliath a thoisich Hudson Taylor aire dhaoine a tharraing.

'S iad dithis bhràithrean Èireannach, Harry agus Alfie, a th' ann an Hudson Taylor, 's tha iad an dèidh tilleadh bho na Stàitean Aonaichte.

Bidh iad a' cluiche ceòl pop/folk agus tha iad air aire mòran dhaoine a tharraing air na meadhanan sòisealta 's tha iad air a bhith a' cluiche aig fèisean leithid Glastonbury agus Cambridge agus a' toirt taic do Jake Bugg agus Kodaline.

Seinneadairean Gàidhlig

Tha Kris Drever air soirbheachadh gu mòr mar neach-ciùil leis fhèin agus cuideachd anns a' chòmhlan, Lau.

Ann an 2017 bhuannaich e duais BBC Radio 2 Folk Singer of The Year, agus Best Original Track.

Bidh gu leòr ceòl Gàidhlig aig an fhèis cuideachd le Eabhal à Uibhist a bhuannaich Hands Up For Trad, Battle of the Folk Bands 2018, agus chaidh iad a chur air adhart airson Up and Coming Artist of the Year aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2018. Chaidh a' chiad chlàr aca 'This is How the Ladies Dance' aig Celtic Connections san Fhaoilleach.

Cuideachd bidh Face The West, Dòmhnall is Peigi Barker bhon Eilean Dubh le ceanglaichean ri Leòdhas, agus Sian le triùir bhoireannach air leth tàlantach - Eilidh NicCarmaig às an Eilean Sgitheanach, Ellen NicDhòmhnaill à Inbhir Nis, agus Ceitlin L R Nic a' Ghobhainn à Leòdhas.

image copyrightSian
image captionTha Sian air a bhith ag obair le Niteworks air a' chlàr 'Air Fàir an Là'.

Tha Eilidh air am Bonn Òir a bhuannachadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus air a bhith an sàs anns a' cheòl a chaidh a chleachdadh 'son geama bhideo 'The Bard's Tale IV'.

A bharrachd air a bhith ag obair le Sian, bidh Ellen a' seinn leis a' chòmhlan Dàimh agus tha Caitlin air am Bonn Òir a bhunnachadh cuideachd.

'S e Tide Lines, Mànran, Kim Carnie, agus Beinn Lee a bhios air an àrd-ùrlar oidhche Ardaoin 18mh Iuchar, le KT Tunstall, Newton Faulkner, Fara, Breabach, JigJam, Kris Drever Trio, Ferris & Sylvester, Benedict Morris Trio, Roseanne Reid, Jose Duncan & The Dusk, The Youth And Young agus Finn Paul oidhche Haoine.

Oidhche Shathairne, bidh na Shires, Elephant Sessions, Hudson Taylor, Talisk, Eabhal, Face the West, Sian, Jake Morrell, Awkward Family Portraits, Keir Gibson agus Donald & Peigi Barker a' cluiche.