Dùil ri Railidh Mhuile am-bliadhna

Published
image copyrightSteven Brown/Geograph
image captionThòisich Railidh Mhuile ann an 1969

Tha a h-uile coltas gum bidh an Tour of Mull Rally ann an a-rithist am-bliadhna.

'S e tachartas glè chudromach a th' ann do Mhuile, a' toirt faisg air £1m dhan eaconomaidh ionadail.

Chaidh stad a chur air an railidh ann an 2017 leis cho mòr 's a bha an àrachas a' cosg.

Ach an dèidh co-chomhairle poblaich nàiseanta mun spòrs ann an Alba, tha dòchas ann gum bidh Railidh Mhuile ann a-rithist san Damhair am-bliadhna.

Tubaistean

Thòisich an railidh ann 1969 le cluba chàraichean à Blackburn ann an Sasainn, an "2300 Club", agus bha iad os cionn an tachartais gach bliadhna gu 2009 nuair a ghabh Club Càir an Eilein Mhuilich thairis an tachartas.

Ann an 1969 bha 57 càr a gabhail pàirt agus chaidh e bho neart gu neart, le 147 a' tòiseachadh an 2016 - an turas mu dheireadh a chaidh an railidh a chumail.

Bha an railidh a' toirt mòran luchd-leantainn dhan eilean, ach cuideachd bha e a' brosnachadh dhaoine òga a bhith a' dol an sàs.

Chaidh boireannach às an Eilean Sgitheanach a mharbhadh aig Railidh an Snowman air a' Ghàidhealtachd ann an 2013 agus chaill triùir luchd-leantainn am beatha aig Railidh Sheumais Clarke anns na Crìochan ann an 2014.

Àrachas

Ann an 2015 chaidh Andy Mort a bha a' siubhal ri taobh dràibheir ann an Railidh Mhuile a mharbhadh ann an tubaist cuideachd.

Feumaidh Railidh Mhuile agus Railidh Sheumais Clarke achd Pàrlamaid mus faigh iad cead an railidh a chumail, agus ann an 2017 bha a' chosgais àraichais airson an railidh ann am Muile a ruith ro mhòr, agus b' fheudar stad a chur air, 's cha deach a chumail an-uiridh a bharrachd.

Tha reachdas sònraichte ann an Sasainn agus sa Chuimrigh airson railidhean a chumail air rathaidean agus chuir Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle phoblach air dòigh aig toiseach na bliadhna airson beachdan a chruinneachadh air na riaghailtean atharrachadh a thaobh railidhean an Alba.

Co-chomhairle

Fhuair iad 3,788 freagairtean agus bha 98.71% ag iarraidh gum biodh cumhachdan a bharrachd gan toirt do dh'ùghdarasan ionadail 'son a bhith a' gabhail smachd air dùnadh rathaidean an àite a bhith a' dol tro achd Phàrlamaid.

Thuirt Iain Caimbeul bho Railidh GB gu bheil iadsan an dùil gun tèid na laghan atharrachadh agus anns an eadar-ama, tha iad ag ullachadh airson's gun tèid Railidh Mhuile air adhart.

"Tha an railidh cudromach dhan eilean, agus fìor chudromach do spòrs chàraichean an Alba. Bha ionndrainn mòr air ann an 2017/18," thuirt e.