Binn 14 bliadhna air drabastair

Seacaid Phoilis

Chaidh binn 14 bliadhna anns a' phrìosan air fear à Farr, faisg air Inbhir Nis, às dèidh mar a chaidh fhaighinn ciontach air casaidean de dh'èigneachadh agus ionnsaighean drabasta air triùir bhoireannach.

Bha Dàibhidh Coinneagan, a tha 60 bliadhna de dh'aois, roimhe na oifigear poilis.

Fhuair an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann ciontach e de na h-ionnsaighean a thachair eadar 2000 agus 2014.

Chaidh Coinneagan, aig a bheil còignear chloinne, às aicheadh nan casaidean, ach anns a' chùis-lagha cho-dhùin an diùraidh gun robh e ciontach de chòig casaidean.

Chuala a' chùirt gun robh e air aon bhoireannach èigneachadh gach oidhche thairis air trì bliadhna suas gu 2008.

Bha e air boireannach eile èigneachadh tric thairis air ceithir bliadhna chun a' Ghiblein 2004.

Chaidh ionnsaighean drabasta a thoirt air an treas boireannach eadar 2011 agus 2014 agus aon turas thachd e i cha mhòr gun robh i gun mhothachadh.

A' cur binn 14 bliadhna sa phrìosan air aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu, thuirt am Britheamh, am Morair Armstrong, gun e duine a bha a' ceannsachadh agus a' smachdachadh a bh' ann, agus gun tug na rinn e fìor dhroch bhuaidh air na boireannaich.