Sreapadairean às an Eilbheis agus an Fhraing

Published

'S ann às an Eilbheis a bha fear den triùir shreapadairean a chaidh a mharbhadh ann am maoim-sneachda air Beinn Nibheis Dimàirt.

Bha e 43 bliadhna de dh'aois.

Thuirt na Poilis gur ann às an Eilbheis cuideachd a tha Mathieu Biselx a tha a' faighinn cobhair ann an Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu, 's e air a dhroch ghoirteachadh.

Bha Mgr Biselx na cheann-suidhe air cluba streap anns an Eilbheis.

'S ann às an Fhraing a bha an dithis eile a chaidh a mharbhadh, a bha aois 41 agus 32.

Thug Seirbheis Fiosrachaidh Mhaoimtean-Sneachda na h-Alba rabhadh seachad gu bheil an cunnart bho mhaoimtean-sneachda ann an sgìre Bheinn Nibheis an-dràsta gu math àrd.

Chaochail dithis shreapadairean aig an làraich, agus bhàsaich an treas duine fhad 's a bhathas ga thoirt far na beinne.

Thachair an tubaist mu 11:50m Dimàirt ann an Gil a Còig.

Tuilleadh air an sgeulachd seo