Cabhag ga cur air aon bhuidhinn phoblaich

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption 'S e a' Chomhairle a tha an ceann a' phròiseict airson aon bhuidheann phoblach a stèidheachadh airson seirbheisean nan Eilean Siar air fad a lìbhrigeadh.

Thèid cabhag a chur air còmhraidhean mu aon bhuidhinn phoblaich dha na h-Eileanan an Iar.

'S e plana Comhairle nan Eilean Siar aon ùghdarras a stèidheachadh a bhiodh os cionn sheirbheisean poblach nan eilean air fad, slàinte nam measg, agus tha dùil ri pàipear-geal air a' phoileasaidh sin bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha am moladh ag amas air a' Chomhairle, Bòrd na Slàinte, agus buidhnean poblach eile, leithid Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dualchas Nàdair na h-Alba, agus Buidheann Taigheadais Innse Gall, a thoirt còmhla.

Tha dùil gum foillsich a' Chomhairle nas fhaide den t-seachdain sreath ùr de choinneamhan mu mar as fheàrr seirbheisean poblach a lìbhrigeadh, agus ged a tha seo air a bhith na chleachdadh aca bho chionn bliadhna no dhà a-niste, tha an sreath seo gu bhith cudromach a thaobh fiosrachadh a sgaoileadh mu na planaichean airson aon bhuidheann phoblach a stèidheachadh.

'S e a' Chomhairle a tha a' stiùireadh na h-iomairt, agus thuirt an t-Àrd-Oifigear, Malcolm Burr, gu bheil e cudromach gun tuig daoine nach e dìreach leudachadh air a' Chomhairle a bhios ann, ach buidheann gu tur ùr a bhios ag obair ann an dòigh ùir.

Thàinig co-chomhairle a rinn an Riaghaltas air mar a bu chòir seirbheisean ionadail a lìbhrigeadh - san deach am moladh a chur air adhart - gu crìch deireadh na bliadhna an-uiridh, agus tha dùil gum foillsich an Riaghaltas aithisg air an sin, nas fhaide den bhliadhna.

Bidh an aithisg sin a' cur sìos ann an dubh 's an geal mar a bu chòir gluasad air adhart leis a' mholadh, agus dè na laghan Pàrlamaideach a dh'fheumas a bhith air an cur an sàs.