Leasachadh air fàire am Bàgh an Neig

Bàgh an Neig

Thèid leasachadh a bharrachd luach nam milleanan notaichean a dhèanamh air na goireasan aig Gàrradh Bhàgh an Neig air Taobh Siar Rois.

Tha Global Energy, leis a bheil an gàrradh, ag iarraidh cidhe domhain ùr anns am bi 150 meatair de dhoimhneachd a chruthachadh ach an urrainn dhaibh barrachd obrach a thoirt a-steach.

Thèid na planaichean a thaisbeanadh aig coinneamhan co-chomhairleachaidh anns an Neag agus Cromba nas fhaide air a' mhìos.