Piseach air seirbheisean chloinne

Published
image copyrightRyan Main

Tha coltas ann gu bheil piseach a' tighinn air seirbheisean do dhaoine òga agus chloinn so-leòinte ann am Moireibh, an dèidh do dh'aithisg laigsean a nochdadh bho chionn dà bhliadhna.

Thadhail Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim a-rithist air an t-seirbheis, agus tha iad ag ràdh gum feumar goireasan a chumail rithe a dh'aindeoin suidheachadh an ionmhais, gus an t-adhartas a chumail a' dol.

Nochd an aithisg anns a' Ghearran 2017 seachd roinnean far an iarradh iad piseach a chùm beatha nas fheàrr a bhith aig a' chloinn.

Thuirt a' Bhuidheann Sgrùdaidh gun robh ceannardan agus àrd-oifigearan aig Comhairle Mhoireibh air dèiligeadh gu math ri trioblaidean a lorgadh ann an co-sgrùdadh ann an 2016, 's gun robh a h-uile duine an sàs air gabhail ri prògram atharrachaidh còig bliadhna.

Thuirt iad cuideachd gu bheil tuisge nas fheàrr aig an luchd-obrach a-niste air a' bhuaidh a tha dìth chùraim aig an taigh a' toirt air cloinn agus daoine òga.

Chuir Cathraiche buidheann nan Àrd-Oifigearan aig Comhairle Mhoireibh, Susan Webb, fàilte air an naidheachd, ach thuirt i gu bheil mòran fhathast ri dhèanamh.