Oidhirp ga dèanamh daoine òga a thàladh a Ghiogha

Brandon Clements Image copyright Urras Dualchas Eilein Ghiogha
Image caption Tha Brandon Clements ag ràdh gu bheil e tàmailteach gu bheil uiread de dhaoine òga a' faireachdainn gum feum iad Giogha agus Earra-Ghàidheal fhàgail.

Tha fireannach, 19 bliadhna de dh'aois, a tha a-nis na stiùiriche air Urras Dualchas Ghiogha, an dòchas gun gabh barrachd dhaoine òga a thàladh dhan eilean.

Thuirt Brandon Clements, a th' air tilleadh a Ghiogha agus a tha ag obair air tuathanas-èisg, gu bheil e airson daoine a tha timcheall air an aon aois ris fhèin a bhrosnachadh gus gluasad a Ghiogha.

Sluagh

Bha timcheall air 700 duine a' fuireach ann an Giogha anns an 18mh Linn, ach thuit an àireamh sluaigh gu timcheall air 100 aig deireadh na 20mh Linne.

Chaidh an t-eilean a cheannach leis a' choimhearsnachd ann an 2002, agus às dèidh ceithir bliadhna, dh'èirich an àireamh-sluaigh gu 151.

Tha an sluagh anns a' chumantas aosta ge-tà, agus tha Brandon an dòchas daoine òga a thàladh ann.

Tàmailt

Bha e ag ràdh gu bheil e tàmailteach gu bheil uiread de dhaoine òga a' faireachdainn gum feum iad Giogha agus Earra-Ghàidheal fhàgail.

Thuirt e gu bheil e air sgrùdadh a thòiseachadh le daoine òga an Giogha mu thràth agus gu bheil e airson a bhith na ghuth làidir airson òganaich an eilein.

Bha e ag ràdh gu bheil obraichean is taigheadas riatanach airson daoine òga a chumail agus a thàladh.

Airgead

Thuirt e gu bheil e cudromach cuideachd iasadan an urrais a phàigheadh air ais gu lèir.

Cheannaich Urras Dualchas Eilein Ghiogha an t-eilean ann an 2002 airson beagan a bharrachd air £4m.

Phàigh iad iasad de £1m a fhuair iad bho Mhaoin Fearainn na h-Alba còrr air 15 bliadhna air ais.

Bha sin mar phàirt de phasgan taice de £3.5m

Chaidh luach £7.5m a chur air na maoinean aca.