Obraichean ùra aig Àirinis

A' chiad stàilinn ga ghearradh airson a' phròiseict

Chaidh 82 cosnadh ùr fhoillseachadh aig Gàradh Àirinis ann an Steòrnabhagh.

Fhuair a' chompanaidh BiFab (a chaidh a cheannach leis a' chompanaidh Chanadianaich DF Barnes an-uiridh) cùmhnant luach £26.5m airson casan a dhèanamh don chrainn-ghaoithe a thèid a stèidheachadh anns a' Chuan a Tuath.

Bha Ministear a' Chumhachd, a' Cheanglachais agus nan Eilean, Pòl Wheelhouse, ann an Steòrnabhagh airson an naidheachd fhoillseachadh.

"'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do BiFab agus coimhearsnachd Leòdhais san fharsainneachd," thuirt e.

"Tha taic leantainneach Riaghaltas na h-Alba, agus an dòigh obrach cho-obrachail le DF Barnes air cuideachadh ann a bhith a' faighinn, aig àirde na h-obrach, 82 cosnadh aig a' ghàradh.

"Tha sinn air a bhith soilleir bho thùs ge-tà, gu bheil obair chruaidh air fàire fhathast gus sruth obrach a' ghnìomhachais ath-thogail.

"Tha e riatanach gun coimhead luchd-leasachaidh, agus na companaidhean a bhios gam frithealadh, ri bhith a' cleachdadh ghoireasan Albannach, far an gabh sin dèanamh, bhon toiseach.

"Cuidichidh sin leis na goireasan a th' againn an Alba a neartachadh 's fàs nas fharpaisiche, a chùm maith na roinne, agus tha buaidh eaconomach am measg na bu chòir beachdachadh air agus sinne a' coimhead ri cothroman ceadachaidh agus iarrtasan dealbhachaidh san àm ri teachd," thuirt e.

Thuirt DF Barnes gu bheil iad a' coimhead ri BiFab a leasachadh san ùine fhada, 's gu bheil iad a' cur nan goireasan agus nan sgilean eadar-nàiseanta a th' aca a dh'ionnsaigh a bhith a' fàs na companaidh, aig a bheil gàraidhean ann am Fìobha, a thuilleadh air Leòdhas.