Òraidichean air stailc

Òraidichean air stailc

Tha òraidichean agus luchd-teagaisg aig colaistean air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan air stailc Diciadain, mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta mu phàigheadh.

'S e seo an treas là am-bliadhna a tha iad air a dhol air stailc.

Tha na h-aonaidhean ag ràdh nach eil gu leòr ga thabhainn orra, ach tha luchd-fastaidh ag ràdh nach eil na h-aonaidhean deònach còmhraidhean susbainteach a chumail.

Dhiùlt òraidichean àrdachadh de 2% thairis air trì bliadhna.

Tha aonadh an EIS a-nis air rabhadh a thoirt seachad gur dòcha gum bi an tuilleadh stailcean ann.

Thuirt Rùnaire an EIS, Larry Flanagan, gur e briseadh dùil a bh' ann nach do dh'aontaich Colaistean na h-Alba ri tairgse gus an stailc a chur dheth gus am biodh barrachd ùine ann a' chùis a dheasbad.

Thuirt Colaistean na h-Alba gu bheil òraidichean ann an Alba air am pàigheadh nas fheàrr na sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte, is gu bheil iad air sia tairgsean a dhiùltadh.